Là Inbhir Lòchaidh

Ruins of Inverlochy Castle near Inverlochy and Fort William, Highland, Scotland.
The ruin of Inverlochy Castle near Inverlochy and Fort William, Highland, Scotland.

Alasdair of sharp, biting blades,
if you had the heroes of Mull with you,
you would have stopped those who got away,
as the dulse-eating rabble took to their heels.

Alasdair, son of handsome Colla,
skilled hand at cleaving castles,
you put to flight the Lowland pale-face:
what kale they had taken came out again.

You remember the place called the Tawny Field?
It got a fine dose of manure;
not the dung of sheep or goats,
but Campbell blood well congealed.

 

 * * *

Sèist

Hì rim hò ro, hò ro leatha,
Hì rim hò ro, hò ro leatha,
Hì rim hò ro, hò ro leatha,
Chaidh an latha le Clann Dòmhnaill.

An cuala sibhse an tionndadh duineil
Thug an camp bha ‘n Cille Chuimein?
‘S fada chaidh ainm air an iomairt,
Thug iad às an naimhdean iomain.

Dhìrich mi moch madainn Dòmhnaich
Gu bràigh caisteil Inbhir Lòchaidh;
Chunnaic mi ‘n t-arm dol an òrdugh,
‘S bha buaidh a’ bhlàir le Clann Dòmhnaill.

Dìreadh a-mach glùn Chùil Eachaidh,
Dh’aithnich mi oirbh sùrd bhur tapaidh;
Ged bha mo dhùthaich na lasair,
‘S èirig air a’ chùis mar thachair.

Ged bhiodh iarlachd a’ Bhràghad
An seachd bliadhna seo mar tha e,
Gun chur, gun chliathadh, gun àiteach,
‘S math an riadh o bheil sinn pàighte.

Air do làimh-sa, Thighearna Labhair,
Ge mòr do bhòsd as do chlaidheamh,
‘S iomadh òglach chinne d’ athar
Tha ‘n Inbhir Lòchaidh na laighe.

‘S ioma fear gòrsaid is pillein,
Cho math ‘s a bha riamh dheth d’ chinneadh,
Nach d’ fhoad a bhotann thoirt tioram,
Ach foghlam snàmh air Bun Nimheis.

‘S iomadh fear aid agus pice
Agus cuilbheire chaoil dhìrich
Bha ‘n Inbhir Lòchaidh na shìneadh,
‘S bha luaidh nam ban à Cinn-tìr’ ann.

Sgeul a b’ àite ‘n uair a thigeadh,
Air Caimbeulaich nam beul sligneach,
H-uile dream dhiubh mur a thigeadh,
Le bualadh lann ‘n ceann gam briseadh.

‘N latha a shaoil iad a dhol leotha
‘S ann bha laoich gan ruith air reothadh:
‘S iomadh slaodanach mòr odhar,
A bheir aodann Ach’ an Todhair.

Ge b’ e dhìreadh Tom na h-Aire,
‘S iomadh spòg ùr bh’ air dhroch shailleadh,
Neul marbh air an suil gun anam
‘N dèidh an sgiùrsadh le lannan.

Thug sibh toiteal teth ma Lochaidh,
Bhith gam bualadh mu na srònaibh,
Bu lìonmhor claidheamh claisghorm còmhnard,
Bha bualadh ‘n lamhan Chlann Dòmhnaill.

Nuair chruinnich mòr dhragh na falachd,
‘N àm rùsgadh na ‘n greidlein tana,
Bha iongnan Dhuimhneach ri talamh,
An dèidh an lùithean a ghearradh.

‘S lionmhor corp nochte gun aodach
Tha nan sìneadh air Chnoc an Fhraoiche
On bhlàr an greasta na saoidhean,
Gu ceann Leitir Blàr a’ Chaorainn.

Dh’ innsinn sgeul eile le fìrinn,
Cho math ‘s nì clèireach a sgrìobhadh,
Chaidh na laoich ud gu ‘n dìcheall
‘S chuir iad maoim air luchd am mì-rùin.

Iain Mhuideartaich nan seòl soilleir,
Sheòladh an cuan ri là doillear,
Ort cha d’ fhuaireadh bristeadh coinne,
‘S ait’ leam Barra-breac fo d’ chomas.

Cha b’ e sud an siubhal cearbach
A thug Alasdair do dh’Albainn,
Creachadh, losgadh, agus marbhadh,
‘S leagadh leis Coileach Strath Bhalgaidh.

An t-eun dona chaill a cheutaidh,
An Sasunn, ‘n Albainn, ‘s an Èirinn,
Ite e à cùrr na sgèithe:
Cha miste leam ged a ghèill e.

Alasdair nan a geurlann sgaiteach,
Gheall thu ‘n dè a bhith cur às daibh,
Chuir thu ‘n retreuta seach an caisteal,
Seòladh glè mhath air an leantainn.

Alasdair nan geurlann guineach.
Nam biodh agad àrmuinn Mhuile;
Thug thu air na dh’fhalbh dhiubh fuireach,
‘S retreut air pràbar an duilisg.

Alasdair Mhic Cholla ghasda,
Làmh dheas a sgoltadh nan caisteal ;
Chuir thu ‘n ruaig air Ghallaibh glasa,
‘S ma dh’òl iad càil, gun chuir thu asd’ e.

‘M b’ aithne dhuibhse ‘n Goirtean Odhar?
‘S math a bha e air a thodhar,
Chan innear chaorach no ghobhar
Ach fuil Dhuibhneach an dèidh reothadh.

Sgrios oirbh mas truagh leam bhur càramh,
‘G èisteachd an-shocair bhur pàistean.
Caoidh a’ phanail bh’ anns an àraich,
Donnalaich bhàn Earra-ghàidheal.

— Iain Lom MacDonald (c. 1624–c. 1710).

Curator: Christian Clay Columba Campbell

Christian Clay Columba Campbell is a Roman Catholic of the Anglican Use. As Senior Warden of the Cathedral of the Incarnation (Orlando, FL), he organised the process by which the parish accepted the Apostolic Constitution Anglicanorum coetibus, petitioning to join the Catholic Church. The Anglican Cathedral is now the Church of the Incarnation in the Personal Ordinariate of the Chair of St. Peter. Personal queries should be directed to me at eccentricbliss dot com.

Leave a Reply