Song of the Highland Clans

Oran Nam Fineachan Gaidhealach.
Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

A chomuinn rìoghail rùnaich
Sàr-ùmhlachd thugaibh uaibh,
Biodh ur roisg gun smùirnein,
‘S gach cridh’ gun treas gin lùib ann;
Deoch-slàinte Sheumais Stiùbhairt
Gu mùirneach cuir mu’n cuairt!
Ach ma ta giamh air bith ‘nur stamaig,
A’ chailis naomh na truaill.
Lìon deoch-slàinte Theàrlaich,
A mheirlich! stràic a’ chuach!
B’ì siod an ìocshlàint’ àluinn
Dh’ath-bheòthaicheadh mo chàileachd,
Ged a bhiodh am bàs orm,
Gun neart, gun àgh, gun tuar —
Rìgh nan dùl a chur do chàbhlaich
Oirnn thar sàl ri luas!

O, tog do bhaideil arda,
Chaol, dhìonach, shàr-gheal, nuadh,
Ri d’ chrainnghridh bìgh-dhearg, làidir,
Gu taisdeal nan tonn gàireach;
Tha Æolus ag ràitinn
Gun sèid e ràp-ghaoth chruaidh
O’n àird anear, ‘s tha Neptun dìleas
Gu mìneachadh a’ chuain.
Is bochd atà do chàirdean
Aig ro-mheud t’fhardail uainn,
Mar àlach maoth gun mhàthair,
No beachainn bhreac a’ ghàraidh
Aig sionnach ‘n d’èis am fàsaichth’
Air fàillinn feadh nam bruach;
Aisig cabhagach le do chàbhlach,
Us leighis plàigh do shluaigh.

Tha na dèe ann an deagh-rùn duit,
Greas ort le sùrd neo-mharbh
Thar dhronnag nan tonn dubh-ghorm,
Dhriom-robach, bhàrr-chas, shiùbhlach,
Ghleann-chladhach, cheann-gheal, shùgh-dhlùth,
Nam mòthar cùl-ghlas, garbh;
Na cuan-choirean greannach, stuadh-thorrach,
‘S crom-bhileach, molach, falbh.
Tha muir us tìr cho rèidh dhuit
Mur dean thu fèin an searg’;
Dòirtidh iad ‘nan ceudaibh,
‘Nan laomaibh tiugha, treuna,
A Breatuinn us a h-Eirinn
Mu d’ standard brèid-gheal, dearg;
A’ ghaisreadh sgaiteach, ghuineach, rìoghail,
Chreuchdach, fhìor-luath, gharg.

Thig do chinneadh fèin ort,
Na treun-fhir laomsgair, gharbh,
‘Nam beathraichibh gu reubadh,
‘Nan leòmhannaibh gu creuchdadh,
‘Nan nathraichibh grad-leumnach,
A lotas geur le ‘n calg;
Le ‘n gathaibh faobharach, rinn-bheurra
Nì mòr-euchd le ‘n arm’.
‘Nam brataichibh làn-èidicht’
Le dealas geur gun chealg,
Thig Domhnullaich ‘nan dèidh sin,
Cho dìleas duit ri d’ lèine,
Mar choin air fasdadh èille
Air chath chrith geur gu sealg;
‘S mairg nàimhde do ‘n nochd iad fraoch,
Long, leòmhann, craobh, ‘s làmh dhearg.

Gun neartaich iad do champa
Na Caimbeulaich gu dearbh,
An Diùc Earraghàidhealach mar cheann orr’,
Gu mòralach, mear, prionnsail,
Ge b’è sid an tionnsgnadh searbh,
B’è sid an tionnsgnadh searbh,
Le lannaibh lotach, dubh-ghorm, toirteil,
Sgoltadh chorp gu’m balg.
Gu tairbeartach, glan, caismeachdach,
Fìor-thartarach ‘nan ranc,
Thig Cluainidh le ‘chuid Phearsanach,
Gu cuanna, gleusda, grad-bheirteach,
Le spàinnichibh teann-bheirticht’
‘S cruaidh fead ri sgailceadh cheann;
Bidh fuil da dòrtadh, smùis da spealtadh,
Le sgealpaireachd ur lann.

Druididh suas ri d’ mheirghe,
Nach meirbh an am an àir,
Clann Ghill’ Eathain nach meirgich
Airm ri h-uchd do sheirbhis,
Le ‘m brataichean ‘s snuadh feirg’ orr’,
‘San leirg mar thairbh gun sgàth;
Am foirne fearail, nimheil, arrail,
As builleach, ealamh làmh.
Gun tig na fiùrain Leòdach ort
Mar sheochdain ‘s eòin fo ‘n spàig;
‘Nan tùiribh lann-ghorm, tinnisneach,
Air chorra-ghleus gun tiomachas,
An rèisimeid fhìor-innealta,
‘S fàth giorraig dol ‘na dàil;
Am bi iomadh bòcan fuilteach, foirmeil,
Thèid le stoirm gu bàs.

Thig curaidhnean Chlann-Chamshroin ort,
Thèid meanmnach sìos ‘nad spàirn;
An fhoireann ghuineach, chaithreamach,
‘S neo-fhiamhach an am tarruinge,
An lainn ghlas mar lasair dealanaich
Gu gearradh cheann us làmh;
‘S mar luas na dreige, ‘s cruas na creige,
Chluinnte sgread nan cnàmh.
Thig mìlidhean Chlann-Iain ort,
Thèid fritheilteach gu d’ champ,
Mar fhaloisg ris na sliabh-chnuic
Us gaoth a’ Mhàirt ‘ga biathadh,
No marcaich’ air each srianach
A rachadh sìos gun chàird –
Cho ealamh ris an fhùdar ullamh,
An t-srad ‘n uair bhuineadh dhà.

Gur cinnteach dhuibh d’ur coinneachadh
Mac Coinnich mòr Cheann-t-sàil’,
Fir làidir, dhàna, cho innealta
Do’n fhìor-chruaidh air a foinneachadh,
Nach ghabh fiamh no somaltachd
No sgreamh roimh theine bhlàr;
‘S iad gu nàrach, fuileach, foinnidh,
Air bhoil’ gu dol ‘nad chàs.
Gur foirmeil, pròiseil, ordail,
Thig Tòisichean ‘nan ranc,
A’ màrsal stàtail, comhnard,
Gu pìobach, bratach, sròl-bhuidh’;
Tha rìoghaltachd us mòrchuis
Gun sòradh anns an dream,
Daoine làidir, neartmhor, cròdha,
‘S iad gun ghò, gun mheang.

Thig Granndaich gu ro-thartarach,
Neo-fhad-bheirteach do d’ champ,
Air phriob-losgadh gu cruadal,
Gu snaidh’ cheann us chluas diubh,
Cho nimheil ris na tigiribh,
Le feachdraidh dian-mhear, dàn’,
Chuireas iomadh fear le sgreadail
‘S a’ breabadaich gu làr.
Thig a rìs na Frisealaich
Gu sgibidh le neart garbh,
‘Nan seochdaibh fìor-ghlan, togarrach,
Le fuathas bhlàr nach bogaichear,
An comhlan feardha, cosgarrach,
‘S mairg neach do ‘n nochd iad fearg;
An spuir ghlas aig dlùths an dèirich
Bidh ‘nan èibhlibh dearg.

‘Nan gaisreadh ghaisgeil, losgarra,
Thig Lachlunnaich gun chàird,
‘Nan soighdibh dearga, puinnseanta,
Gu claidhmheach, sgiathach, cuinnsearach,
Gu gunnach, dagach, ionnsaichte,
Gun chunntas ac’ air àr;
Dol ‘nan deannaibh ‘n aodainn pheileir
Tiochd o theine chàich.
Gabhaidh pàirt de t’ iorghaill-sa
Clann-Fhionghain ‘s sìor-bhualadh,
Mar thuinn ri tìr a’ sìor-bhualadh,
No bile lasrach dian-losgadh,
‘Nan treudaibh luatha, sìor-chonfach,
Thoirt grìosaich air an nàmh’;
An dream chathach, Mhuileach, Shrathach,
‘S maith gu sgathadh chnàmh!

‘S mòr a bhios ri corp-rùsgadh
Nan closaichean ‘sa bhlàr,
Fithich ann, a’ rocadaich,
Ag itealaich, ‘s a’ cnocaireachd,
Cìocras air na cosgarraich
Ag òl ‘s ag ith’ an sàth;
Och, ‘s tùrsach, fann, a chluinntear mochthrath,
Ochanaich nan àr.
Bidh fuil us gaorr dam fùidreadh ann
Le lùth-chleasan ur làmh,
Meangar cinn us dùirn diubh,
Gearrar uilt le smùisreadh,
Cìosnaichear ur biùthaidh,
Dan dubh-losgadh, ‘s dan cnàmh’;
Crùnar le poimp Tearlach Stiùbhart,
Us Frederic Prionns’ fo shàil.

Continue reading “Song of the Highland Clans”

Father of the Clan

Dunvegan Castle on the Isle of Skye, from the gardens.

The name of highest dignity is Laird, of which there are in the extensive Isle of Sky only three, Macdonald, Macleod, and Mackinnon. The Laird is the original owner of the land, whose natural power must be very great, where no man lives but by agriculture; and where the produce of the land is not conveyed through the labyrinths of traffick, but passes directly from the hand that gathers it to the mouth that eats it. The Laird has all those in his power that live upon his farms. Kings can, for the most part, only exalt or degrade. The Laird at pleasure can feed or starve, can give bread, or withold it. This inherent power was yet strengthened by the kindness of consanguinity, and the reverence of patriarchal authority. The Laird was the father of the Clan, and his tenants commonly bore his name. And to these principles of original command was added, for many ages, an exclusive right of legal jurisdiction.

This multifarious, and extensive obligation operated with force scarcely credible. Every duty, moral or political, was absorbed in affection and adherence to the Chief. Not many years have passed since the clans knew no law but the Laird’s will. He told them to whom they should be friends or enemies, what King they should obey, and what religion they should profess.

– Samuel Johnson, A Journey to the Western Islands of Scotland (1775).