Gleidheadh Treuid

Gun gleidheadh Moire min an ciob,
Gun gleidheadh Bride bith an ciob,
Gun gleidheadh Calum-cille an ciob,
Gun gleidheadh Maol-ribhe an ciob,
Gun gleidheadh Carmag an ciob,
O’n mhi-chu ‘s o’n mharbh-chu.

Gun gleidheadh Odhran an crodh,
Gun gleidheadh Maodhan an crodh,
Gun gleidheadh Donnan an crodh,
Gun gleidheadh Moluag an crodh,
Gun gleidheadh Maolruan an crodh,
Am boglach’s an crualach.

Gun gleidheadh Spiorad foir an treud,
Gun gleidheadh Mac Moir Oigh an treud,
Gun gleidheadh Ti na gloir an treud,
Gun gleidheadh an Teoir an treud,
Bho reubain ‘s bho mhearchall,
Bho reubain’s bho mhearchall.

— Carmina Gadelica, Oibre, 104.

Continue reading “Gleidheadh Treuid”